musicas.mus.br

Letras de músicas - letra de música - letra da música - letras e cifras - letras traduzidas - letra traduzida - lyrics - paroles - lyric - canciones - REUL ÀLAINN A' CHUAIN - KATHLEEN MACINNES - música e letra

Utilize o abecedário abaixo para abrir as páginas de letras dos artistas

A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Reul Àlainn A' Chuain letra


A Mhaighdeann as gile
A Mhoire mhìn mhàthair
Nad chomsa na aonar
Bha 'n Slànair a' tamh
Tha 'n oidhche, a Mhoire
Air tuiteam mun cuairt
Nach nochd thu do shoillse
Reul àlainn a' Chuain?

Reul àlainn a' Chuain
Reul àlainn a' Chuain
Nach nochd thu do shoillse
Reul àlainn a' Chuain?

Tha 'n oidhche le neulaibh
A' còmhdach an t-saoghail
Tha bratach an dorchadais
Sgaoilt' anns a' ghaoith
Tha 'n Eaglais ga buaireadh
'S tha sùil coimhead suas
Nach nochd thu do shoillse
Reul àlainn a' Chuain?

Reul àlainn a' Chuain
Reul àlainn a' Chuain
Nach nochd thu do shoillse
Reul àlainn a' Chuain?

Bu lèir do Mhac Dè d'anam
Geal 's e gun bheud
'S nach tàinig am peacadh
Na chòir ghabhail seilbh
Cha d' bhuin e bho thùs
Ach don Tighearna 's uaisl'
Is choisrig e d' shoillse
Reul àlainn a' Chuain

Reul àlainn a' Chuain
Reul àlainn a' Chuain
Is choisrig e d' shoillse
Reul àlainn a' Chuain

An talamh cha tug
Ach aon fhasgadh do Dhia
Am fasgadh sin crìdh'
Na h-Òigh' beannaichte, fial
Bha fàrdach Mhic Dhè
Agus fasgadh nan truagh
An soillse do chrìdh'sa
Reul àlainn a' Chuain

Reul àlainn a' Chuain
Reul àlainn a' Chuain
Nach nochd thu do shoillse
Reul àlainn a' Chuain?

Kathleen MacInnes - Letras

top 30 músicas

©2003 - 2024 - musicas.mus.br