musicas.mus.br

Letras de músicas - letra de música - letra da música - letras e cifras - letras traduzidas - letra traduzida - lyrics - paroles - lyric - canciones - ÒRAN DHòMHNAILL PHàDRAIG IAGAIN - KATHLEEN MACINNES - música e letra

Utilize o abecedário abaixo para abrir as páginas de letras dos artistas

A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Òran Dhòmhnaill Phàdraig Iagain letra


'S bochd an naidheachd a fhuair sinn
'S a ghluais mi gu dàn
Dòmhnall phàdraig, mo thruaighe
Thugadh bhuainn e le bàs
Cò aige bha dùil ris
'S tu cho sùnndach 's cho slàn
Cha robh sinn a' smaointinn
Gum biodh do shaoghal cho geàrr

Dh'fhàg thu bean agus pàistean
'S iad a' rànaich 's a' caoidh
'S goirt a' bhuill' ann an fhuair iad
'S a ghuail ann an cridh
Cha tog fidheall no òran
Am bròn rinn an clì
'S ged a bhiodh iad measg òigridh
Bidh gach sòlas gan dìth

Chì sinn tràghadh is lìonadh
Chì sinn ealtainn is sprèidh
Chì sinn gealach is grian
'S reultan a' lìonadh nan speur
Ach chan fhaic sinn gu sìorraidh
Coiseachd feur ann thu fhèin
Ach guidheam fois leat, a chrìosdaidh
'S beannachd dhia ann leat fhèin

'S math tha fios aig gach nàbaidh
Gu bheil sàr-dhuin' gan dìth
'S tu bha riatanach san àite
'S a b' fheàirrd' sinn bhith leinn
Ach dhe sin, cha sheall bàs dha
Coingeis dhàsan cò thu
Bho leanabh bheag tha air mhàgail
Gu ruig àrd-rìgh air crùn

O, gur duilich, gur duilich
Gur duilich seo leinn
Andiugh bhith gad chàradh
An t-hàllan san ùir
Sinn a' faicinn do phàistean
'S bean do ghràidh 's iad ri caoidh
'S bidh thu 'n cuimhne gu bràth dhaibh
'S an cridhe làn dhut de ghaol

'S bha thu 'd dhuine bha fialaidh
Is rianail ri càch
Chan fhaca sinn riamh thu
Gun fhiamh ort le gàir'
Bha thu carthanntach fuasgailt'
Measg an t-sluaigh anns gach àit'
Gus an tàinig an fhuar-bhuill'
Thug bhuainn thu le bàs

'S nam bitheadh tu aost'
Cha bhiodh a' ghaoir seo cho geàrrt'
Ach am meadhan do shòlais
'S tu led òigridh a' fàs
Ruith an snaoim a bha cruaidh ann
'S dh'fhalbh na duail às an tàth
Anns an t-sàcramaid uasal
Nach gabh fuasgladh gun bhàs

'S gura tìm dhomh co-dhùnadh
'S a bhith dùnadh an dàin
Bhon tha t' uaighsa nist dùinte
'S nach eil dùil riut gu bràth
Gu faic sinn do ghnùis-sa
Ann an dùthaich do ghràidh
Ach bidh sinn uile gad ionndrainn
Leis a' chiùird bha thu 'n sàs

Kathleen MacInnes - Letras

top 30 músicas

©2003 - 2024 - musicas.mus.br