musicas.mus.br

Letras de músicas - letra de música - letra da música - letras e cifras - letras traduzidas - letra traduzida - lyrics - paroles - lyric - canciones - TUIREADH BàRD THùRNAIG - KATHLEEN MACINNES - música e letra

Utilize o abecedário abaixo para abrir as páginas de letras dos artistas

A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Tuireadh Bàrd Thùrnaig letra


Fo thomain ghorm ùrach
Sa cheàrnaig bheag chùbhraidh
Ann an cladh Abhainn Iù
Tha Bàrd Thùrnaig aig tàmh

Cha dhùisg e, cha dhùisg e
À leabaidh chaol dhùinte
'S tha dhìlsean trom tùrsach
Ag ionndrainn a' Bhàird

Nuair laigh an t-seann aois air
Cha b' ait dha an saoghal
Sgil lèighean chlann-daoine
Cha shaoradh on bhàs

Chuir e gu buil bhuadhmhor
An tàlann a fhuair e
Ga cleachdadh gu suairce
Le huaisleachd a ghnàth

An seirbheiseach dìleas
An taodhair 's an cìobair
Bu luaithe a dhìreadh
Ri mill nam beann àrd

'S aig crìoch a chuid sgrìoban
A chuireadh an sgrìobhadh
Na bh' aige san inntinn
'Son innseadh do chàch

Kathleen MacInnes - Letras

top 30 músicas

©2003 - 2024 - musicas.mus.br